Song Page - Lyrify.me

Lyrify.me

Oran Do Loch Iall by Capercaillie Lyrics

Genre: pop | Year: 1998

O deoch-slainte mo ghaisgich
'S coir a faicinn 'ga lionadh
Us a cumail an cleachdadh
Mar fasan da rireadh
H-uile fear leis nach ait i
F'agam esan an iotadh
Bhith 'ga h-ol gur h-e b'annsa
Ma's branndaidh no fion i
Gur e b'annsa, gur e b'annsa

'S a Dhomhnuill oig Abraich
Do shlainte gum faic mi mun'n cuairt i
An t-og firinneach smachdail
Nach robh tais an am cruadail
'S beag iongnadh an t-ardan
Bhith gu h-ard ann ad ghruaidhean
'S a liuthad fuil rioghail
Tha sioladh mu d'ghuillibh
'S a liuthad fuil, 's a liuthad fuil

'S dearbhadh air sin Sliabh a' Chlamhain
Gun d'fhuair sibh barrachd an cruadal
Thug thu an duthchas o d'sheanair
B'ard-cheannard air sluagh e
Tha mo dhuil anns an Trianaid
Ma's ni thig gu buaidh e
Gum faic mi thu ad Dhiuca
An deidh an crun ud a bhuannachd
'Is 'nad Dhiuc', 'is 'nad Dhiuc'
Cha b'e siubhal na slainte
Bh'aig a' ghraisg us a'teicheadh
'S iomadh cota ruadh maduir
Bh'anns an araich gun leithcheann
Agus slinnein o'n ghualainn
Agus cnuac chaidh a leagail
Le luths nam fear laidir
Ghabh an t-ardan gun eagal
Le luths nam fear, le luths nam fear...